A’ cur fios


Seòladh:

An Lanntair
Sràid Choinnich
Steòrnabhagh
Eilean Leòdhais
HS1 2DS

Fòn: 01851 708480
Post-d: info@lanntair.com

Faighinn a-steach: AN-ASGAIDH
Uairean fosglaidh: Diluain gu Disathuirne 10m – anmoch
Café Bar fosgailte: 10m – anmoch

Parcadh: Tha parc-chàraichean mòr poblach ri taobh An Lanntair air Mol a Deas, Steòrnabhagh.

Còmhdhail Phoblach: Tha An Lanntair a’ suidhe mu choinneamh stèisean bus Steòrnabhaigh air a’ Mhol a Deas.

Ciorramaich:
Tha dà àite parcaidh dha ciorramaich ri taobh na slighe a-steach chun An Lanntair air Sràid Choinnich. Tha gach làr dhen togalach ri ruighinn le lioft.

Am Prìomh Dhoras:
Tha an t-slighe a-steach dhan Lanntair air Sràid Choinnich. Tha doras sònraichte dha ciorramaich an seo. Tha an deasg fiosrachaidh, bùth, an talla mòr agus an gailearaidh air an làr as ìsle. Tha an cafaidh bàr agus an oifis air na làran a tha shuas, le lioft agus staidhre thuca.

A’ Tadhal air na h-Eileanan:
http://www.visitouterhebrides.co.uk/ – airson fiosrachadh dha luchd-tadhail, àitean fuirich agus rudan ri dhèanamh.

Bho cheann a tuath Eilean Leòdhais gu ceann a deas Bhatarsaigh, tha na h-Eileanan Siar air iomall a’ Chuain Siar le iomadh seòrsa rud ri dhèanamh mar chur seachad agus dibhearsain.

Eadar an t-sàmhchair ’s an t-sìth agus an àrainneachd bhreagha, cuiridh na coimhearsnachdan fàilte bhlàth chridheil nan Eilean ort.

Dèan rannsachadh air eachdraidh an àite, le beartas thaighean-tasgaidh agus charraighean-cuimhne. Air neo theirig a thadhail air coimhearsnachdan làn dualchais na Gàidhlig le croitearachd, tachartasan coimhearsnachd is dannsaichean cèilidh a’ toirt dhaoine còmhla an dòigh fìor shònraichte.

Airson barrachd fiosrachaidh air na h-Eileanan Siar:
Fiosrachadh turasachd air Alba gu lèir – http://www.visitscotland.com/see-do
Bàtaichean Mhic a’ Bhriuthainn – https://www.calmac.co.uk/
Puirt-adhair na Gàidhealtachd is nan Eilean- http://www.hial.co.uk/
Flybe – http://www.flybe.com